Bàrr na Driseig
Bàrr na Driseig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 14′ 20″ Tuath 03° 46′ 01″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,674 (2011) |
Àireamh fòn | 01848 |
Duilleag oifigeil | Bàrr na Dris aig Visit Scotland |
'S e baile faisg air Dùn Sgoir agus Am Mòine Naomh ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Bàrr na Dris[1] neo Bàrr na Driseige[2] no Bàrr na Driseig[3] (Beurla: Thornhill). Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[4] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Cill Osbairn agus An t-Seann Chathair, ri taobh na h-Aibhne Nid.[5] Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 75km bho Ghlaschu, 22km bho Dhùn Phrìs agus 87km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[6] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda an dà chànan aig a’ mhòr-chuid ann am Bàrr na Dris. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil agus àrd-sgoil[7] ann. Tha 1,674 duine a' fuireach an seo.[8]
Freumhan an Ainm
deasaich'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite bàrr- ann an ceann a deas na dùthcha.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1664 mar bhaile-malairt ach bha daoine a' fuireach an seo roimhe sin. Tha Caisteal Drumlanrig faisg air Bàrr na Dris. Chaidh an caisteal a thogail eadar 1684 agus 1691 agus 's ann le Diùc Buccleuch an-diugh. Chaidh Na Seumasaich seachad air Bàrr na Dris air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[9] Shàth iad dealbh Uilleim II anns a' Chaisteal le sgian. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 60 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[10] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.
Daoine ainmeil
deasaich- Iain MacLachlainn (1843-1893): Ailtire[11]
- Somhairle Uallas (1892-1968): Saighdear a choisinn Crois Bhioctòria sa Chogadh Mhòr.[12]
- Bobby Black (1927-2008): Cluicheadair Bhall-coise.[13]
- An t-Urramach Seumas Harkness (1935): a' chiad àrd mhinistear-feachd Arm Bhreatainn a-riamh nach bhuineadh dhan Eaglais Easbaigeach agus a bha na mhodaratair ann an 1995.[14]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ “Thornhill/Bàrr na Driseig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Mhàrt 2017.
- ↑ Falling Rain
- ↑ River Nith Fishings
- ↑ Distance From
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ City Population
- ↑ Am Baile[dead link]
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Dictionary of Scottish Architects: McLachan
- ↑ London Gazette
- ↑ Queen of the South
- ↑ Who's Who, 2008: Lunnainn, A & C Black, ISBN 978-0-7136-8555-8
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 877 953
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck