Bangui
Suidheachadh
Dùthaich Poblachd Meadhan Afraga
Ceàrn Ombella-M'Poko
Co-chomharran 4° 20" Tuath
18° 35" Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 67 km²
Àireamh-shluaigh 622,771 (2003)
Dlùths 9,295.09/km²

'S e prìomh-bhaile Poblachd Meadhan Afraga a tha ann am Bangui. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 622,771 duine a’ fuireach an seo. ‘S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Ubangi, a tha na chrìochan eadar Poblachd Dheamocrach na Congo agus Poblachd Meadhan Afraga. Tha Bangui 786km air falbh bho Yaoundé (Camarun), 955km bho N'Djamena (An t-Siad), 1,970km bho Khartoum (Sudan), 1,445km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,033km bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo) agus 1,027km bho Bhrazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 374m os cionn ìre na mara.[2]

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1889 anns a’ cholonaidh fhrangach Haut-Oubangui. Dh’fhàs am baile nas motha timcheall air an àite shaighdearach. [3] Tha port aige, tha bàtaichean-aiseig a’ dol gu Brazzaville agus Zongo. Tha Bangui ceangailte le rathaidean mòra gu Camarun, chun an t-Siad agus gu Sudàn. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bangui M'Poko International Airport.

Daoine Ainmeil

deasaich
  • Élie Doté: (1947 –) Neach-poileataigs.
  • Nathalie Tauziat: (1967 –) Cluicheadair tennis.
  • Jean-Serge Bokassa: (1972 –) Neach-poileataigs.
  • Marcelin Tamboulas: (1980 –) Cluicheadair ball-coise.

Dealbhan

deasaich

Gnàth-shìde

deasaich

Tha gnàth-shìde bhog fhliuch theth ann am Bangui; Mar as àbhaist bidh an teodhachd bhliadhnail mu 25 °C, gun atharrachaidhean mòra ann, fad a’ bhliadhna. Tha tuiltean gu math cumanta aig toiseach àm an uisge, bhon An t-Ògmhios gu ruige An t-Samhain. Bidh 1,554 mm dhe uisge a’ tuiteam air a’ bhaile gach bliadhna.


  Fiosrachadh airson Bangui
Mìos Faoilleach Gearran Màrt Giblean Cèitean Ògmhios Iuchar Lùnasdal Sultain Damhair Samhain Dùbhlachd Bliadhna
Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) 28 31 32 31 30 28 27 27 28 28 28 28
29
Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) 20 22 23 23 23 22 22 22 22 22 22 20
22
Làithean dhe uisge 2 3 6 10 8 11 12 14 12 11 6 2
97
Bho: www.weatherbase.com[dead link]

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomradh

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. World66 - Fiosrachadh Bhangui
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: