Jump to content

An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Bheurla Ghallda"

O Uicipeid
Neo-dhèan mùthadh 523660 leis 2A02:908:1861:A9C0:941:3EF6:BFD5:52FC Thèid don duilleig deasbaireachd le tùs freagarrach airson sin a dhearbhadh
b Protected "A' Bheurla Ghallda": Còmhstrithean deasachaidh nach eil torrach ([Deasaich=Na ceadaich ach cleachdaichean a chaidh an dearbhadh gu fèin-obrachail] (falbhaidh an ùine air 14:08, 19 dhen t-Samhain 2016 (UTC)) [Gluais=Na ceadaich ach cle...
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 14:08, 12 dhen t-Samhain 2016

Beurla Gallda
Air a bhruidhinn an:
Alba
Èirinn a Tuath
Poblachd na h-Èireann
Sasainn
Sluagh: 1.5 millean (Alba);
30,000 (Eirinn)
Ginteil Seorsachadh: Innd-Eòrpach

 Gearmanach
  Gearmanach Siar
   Angleach
    a'Bheurla Gallda

Samhlaidhean nam cànan
ISO 639-3 sco

'S e a’ Bheurla Ghallda no Albais[1] (anns a chainnt fhèin Scots san latha an diugh agus Inglis gu h-eachdraidheal) cànan Tiùtonach a tha air a bhruidhinn anns a' Ghalldachd, Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba agus Ulaidh an Èirinn (far an e 'Ullans' a bhios iad ag èigheachd air ann an còmhlan oifigeach ach 'se 'Scots' a chanas an sluagh fhein ris).

Eachdraidh a' Chànain

'S e a’ Bheurla Ghallda an sean chànan aig Lodainn (agus an sean Rìoghachd Sasannach anns an robh Lodainn mus d'fhuair na Gàidheil smachd air, Northumbria) agus 'se a-chuir fhas den Ghàidhlig ann an Galldachd Alba. Aig aon àm 'se seo am prìomh cànan ann an Alba agus 'se a bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil leis na Rìghrean agus am Pàrlamaid ach tha e air crìonadh an dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 agus tha Beurla Shasainn air an aite aige a ghabhal mar prìomh cànan an t-sluagh mhòr de dh'Albannaich. Bha toir bàrdachd ainmeil air a sgriobhadh 'sa chànan agus 'se Raibeart Burns am Bàrd is ainmeil a dh'obair 'sa chànan - chanadh a chuid mhòr de dhaoine gur e' am prìomh bàrd aig na h-Albannaich.

'Se 'Inglis' a bh'aig na gall a bhitheadh ga bhruithinn air an cànan aca ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad ag èigheachd 'Scots' air ged a se seo an t-ainm a bh'air a' Ghàidhlig aig an àm. An deidh seo se 'Erse' no 'Irish' a bha aca air gàidhlig na h-Alba. Tha feadhainn ann an t-saoghal a' Ghàidhlig a chleachdas an nua-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm a' Bheurla Gallda ged nach e seo ainm a tha freagarrach a rèir eachdraidh an dùthaich agus nan Gàidheil.

Aistean co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mar eisimpleir: “Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais”. BBC. Air a thogail 25mh dhen Dàmhair 2016.