Jump to content

An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Bheurla Ghallda"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 25: Loidhne 25:
}}
}}


'S e cànan [[Tiùtonach]] a th' anns '''a' Bheurla Ghallda''' no '''Albais'''<ref>Mar eisimpleir: {{iomradh lìon| url = http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/story/2008/01/printable/080115_nos_ur.shtml |tiotal = Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais | foillsichear = BBC | ceann-là_inntrigidh = 2016-10-25}}</ref> (anns a chainnt fhèin: ''Scots'' san latha an-diugh agus ''Inglis'' gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air [[Galldachd|a' Ghalldachd]] is ann an [[Arcaibh]] agus [[Sealtainn]] ann an [[Alba]], agus ann an [[Uladh]] an [[Èirinn]].
'S e cànan [[Tiùtonach]] a th' anns '''a' Bheurla Ghallda''' no '''Albais'''<ref>Mar eisimpleir: {{iomradh lìon| url = http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/story/2008/01/printable/080115_nos_ur.shtml |tiotal = Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais | foillsichear = BBC | ceann-là_inntrigidh = 2016-10-25}}</ref> (anns a chainnt fhèin: ''Scots'' san latha an-diugh agus ''Inglis'' gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air [[Galldachd|a' Ghalldachd]] is ann an [[Arcaibh]] agus [[Sealtainn]] ann an [[Alba]], agus ann an [[Ulaidh]] an [[Èirinn]].


== Eachdraidh a' Chànain ==
== Eachdraidh a' Chànain ==

Mùthadh on 21:48, 18 dhen t-Sultain 2020

A' Bheurla Ghallda
Fuaimneachadh /pjɤːɾɫ̪ə/
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

1.5 millean ann an Alba
30,000 ann an Èirinn

  • Ciad chainnt:99,200
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

  • Gearmaineach
    • Gearmaineach an Iar
      • Gearmaineach a' Chuain a Tuath
        • Angla-Frìoslannach
          • A' Bheurla Ghallda
Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Alba
ISO 639-2 sco
ISO 639-3 sco

'S e cànan Tiùtonach a th' anns a' Bheurla Ghallda no Albais[1] (anns a chainnt fhèin: Scots san latha an-diugh agus Inglis gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air a' Ghalldachd is ann an Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba, agus ann an Ulaidh an Èirinn.

Eachdraidh a' Chànain

'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an Lodainn (agus an t-seann rìoghachd Shasannach Northumbria, anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den Ghàidhlig air Galldachd na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan Alba: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na Rìghrean agus am Pàrlamaid. An dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 ge-tà, chaidh crìonadh a dheanamh oirre, agus tha Beurla air a h-aite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr bàrdachd ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e Raibeart Burns am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.

'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scots' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na h-Alba na àite.

Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda.

Aistean co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mar eisimpleir: “Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais”. BBC. Air a thogail 25mh dhen Dàmhair 2016.