An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Bheurla Ghallda"
bNo edit summary |
Taga: Reverted |
||
Loidhne 29: | Loidhne 29: | ||
== Eachdraidh a' Chànain == |
== Eachdraidh a' Chànain == |
||
'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an [[Lodainn]] (agus an t-seann rìoghachd [[Sasannach|Shasannach]] [[Rìoghachd Northumbria|Northumbria]], anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den [[Gàidhlig |
'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an [[Lodainn]] (agus an t-seann rìoghachd [[Sasannach|Shasannach]] [[Rìoghachd Northumbria|Northumbria]], anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den [[Gàidhlig]] air [[a' Ghalldachd|Galldachd]] na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan [[Alba]]: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na [[Rìghrean na h-Alba|Rìghrean]] agus am [[Pàrlamaid]]. An dèidh do dh'Alba aonachadh le [[Sasainn]] ann an [[1707]] ge-tà, chaidh crìonadh a dheanamh oirre, agus tha [[Beurla]] air a h-aite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr [[bàrdachd]] ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e [[Raibeart Burns]] am bàrd as ainmeile a rinn obair innte. |
||
'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scots' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig |
'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scots' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na àite. |
||
Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda. |
Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda. |
Mùthadh on 21:04, 26 dhen Dàmhair 2020
A' Bheurla Ghallda | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1.5 millean ann an Alba
| |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Alba | |
ISO 639-2 | sco | |
ISO 639-3 | sco |
'S e cànan Tiùtonach a th' anns a' Bheurla Ghallda no Albais[1] (anns a chainnt fhèin: Scots san latha an-diugh agus Inglis gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air a' Ghalldachd is ann an Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba, agus ann an Ulaidh an Èirinn.
Eachdraidh a' Chànain
'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an Lodainn (agus an t-seann rìoghachd Shasannach Northumbria, anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den Gàidhlig air Galldachd na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan Alba: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na Rìghrean agus am Pàrlamaid. An dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 ge-tà, chaidh crìonadh a dheanamh oirre, agus tha Beurla air a h-aite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr bàrdachd ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e Raibeart Burns am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.
'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scots' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na àite.
Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda.
Aistean co-cheangailte
Ceanglaichean a-mach
- An Wikipedia 'sa Bheurla Gallda
- Scots Language Centre
- “The Dialect of the Southern Counties of Scotland” (1873) - leabhar comasach le James A.H. Murray (WebArchive)
- BBC Naidheachdan 2019-11-19: Sùil air Mion-Chànain: Albais is Doric (aithris-bhideo 2:55)
Iomraidhean
- ↑ Mar eisimpleir: “Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais”. BBC. Air a thogail 25mh dhen Dàmhair 2016.