Jump to content

Montería (baile)

O Uicipeid
Montería
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Córdoba
Àirde 18m
Co-chomharran 08º 45' 27' Tuath
75º 53' 24' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,141 km²
Àireamh-shluaigh 378,970 (2005)
Dlùths 120.65/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e prìomh-bhaile na roinne Córdoba, ann an Coloimbia,[1] a th'ann Montería. Tha e suidhichte ann an ceann a tuatha na dùthcha, ri taobh na h-aibhne Sinú, 393km air falbh bho Mhedellín, 807km bho Bhogotá.[2] agus corra mhìle bho oirthir A' Chairibìan. Tha àirde meadhanach dhe 5m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚ rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1777. 'S e Montería an 19mh baile as motha na dùthcha.[3]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 378,970 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 92,395 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Montería (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.4% agus tha 3.8 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.8% dhe na daoine ann an Montería leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 45% dhe na dachannan.[6]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Montería. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-Cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Montería

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: