Maseru
Suidheachadh
Dùthaich Leasoto
Ceàrn Maseru fhèin
Co-chomharran 29° 18 56' Deas
27° 30 07' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 138 km²
Àireamh-shluaigh 227,880 (2006)
Dlùths 1,651.3/km²

'S e prìomh-bhaile Leasoto a tha ann am Maseru. Tha e suidhichte air bruach Abhainn Mohokare faisg air crìoch Afraga a Deas. 'S e seo an co-chomharran aige: 29° 31’ Deas agus 27° 48’ Ear. Tha Maseru 412km air falbh bho Phretoria (Afraga-a-Deas), 490km bho Mbabane (Dùthaich nan Suasaidh) agus 625km bho Mhaputo (Mòsaimbic).[1] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 1,482m os cionn ìre na mara.[2]

'S e an t-aonar baile mòr a tha anns an dùthaich seo. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 180,000 duine a’ fuireach an seo. Gus a’ bhliadhna 1966 bha Maseru na prìomh-bhaile Basutoland, a bha fo smachd an Rìoghachd Aonaichte. B' e an Kingsway, rathad mòr eadar port-adhair Leabua Jonathan (a-nis: Mejametalana Airport) agus an lùchairt rìoghail ann am Maseru a' chiad rathad leacte. Rinn iad sin dìreach mus tàinig Ban-rìgh Ealasaid II a cheilidh air Leasoto anns na 1960mh.

Tha an Oilthigh Nàiseanta Leasoto suidhichte ann an Roma, baile beag faisg air Maseru. Tha am port-adhair eadar-nàiseanta, Moshoeshoe International Airport ann an Thoteng-ea-Moli, rud beag air falbh bho Mhaseru.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Sister Cities International
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: