Alacant (provincia)
Alacant
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Alacant | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 5,817 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,934,127 (2014) | ||||
Dlùths | 332.5/km² | ||||
Àireamh fòn | + (96) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a th' ann an Alacant (IPA: alaˈkant, Spàinntis: Alicante). Tha e na laighe ann an València, air an àirde an ear-dheas na dùthcha. 'S e Alacant a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Alacant fad 5,817km²[3] agus tha 1,934,127 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 41mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Murcia agus València.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Ἂκρα Λευκῆ, (Akra Leukḗ) no Λευκῆ Ἂκρα, (Leukḗ Akra) (Gàidhlig: Rubh Geal) ann an Greugais a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh baile Cartagach san sgìre o chionn fhada.[6] Dh'atharrach na Ròmanaich an t-ainm gu Lucentum agus as an dèidh chaidh atharrachadh gu ألَلَقَنْت (Al- Laqant) ann an Arabais.[7] 'S ann dìreach as an fhoirm seo a thàinig an t-ainm a thathar a' cleachdadh an latha an-diugh ann an Catalanais. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Akra Leuké, Gran Enciclopedia Temática de la Comunidad Valenciana, Historia, Editorial Prensa Valenciana, 200
- ↑ Historia de la ciudad de Alicante, Azuar Ruiz R., Ajuntament d'Alacant, 1990