Càrrabost (Loch Harport)
Càrrabost | |
Sealladh air a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Comhairle na Gàidhealtachd |
Sgìre | An t-Eilean Sgitheanach |
Co-chomharran | 57° 18′ 5″ Tuath 6° 21′ 10″ Iar |
Comharradh-clèithe | NG378319 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 118 (1961) |
'S e baile anns an Eilean Sgitheanacha th' ann an Càrrabost (Beurla: Carbost).[1] Tha e suidhiche air bruach a deas Loch Harport. Tha e mu thimcheall 10 mìle (16 km) san iar-dheas air Port Rìgh.[2] Tha an rathad B8009 a leanas gu Port nan Long a' dol tron bhaile. Ann an 1961 bha 118 duine a' fuireach an seo.[3]
Is dòcha gun tàinig ainm a' bhaile bhon Seann-Lochlannais. Tha e a' gabhail a-steach nan eilemaidean: kjarr : preasarnach neo boglach agus bólstaðr a tha a' ciallachadh tuathanas. [1]
Tha Càrrabost ainmeil air sgàth 's gu bheil an taigh-staile Talisker an seo a chaidh a chur air bhonn ann an 1831. Mar neach-fastaidh tha e cudromach do dh'eaconamaidh na sgìre agus gheibhear tòrr chosnaidhean an seo.
Tha baile eile ann faisg air Port Rìgh aig a bheil an dearbh ainm sa Bheurla. Nochdaidh e ann an Gàidhlig mar Carbost.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Prìomh-rathad ann an Càrrabost
-
Taigh-staile Talisker
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Undiscovered Scotland (Beurla)