Coiseachd
Coltas
'S e dòigh gluasaid a th' ann an coiseachd a nì daoine agus beathaichean casach le bhith a' cur aon chas air beulaibh na coise eile. Tha e nas slaodaiche na ruith, agus an coimeas ri ruith tha an-còmhnaidh aon chas a' beantainn ris an làr, agus tha ùine ghoirid ann far a bheil an dà chas air an làr.
Chleachdar am facal coiseachd cuideachd gus bruidhinn air cur-seachad anns a bheilear a' dol a-mach gus eacarsaich fhaighinn le bhith a' coiseachd anns a' bhaile, anns an dùthaich no anns na beanntan. Cluinnear am facal streap airson coiseachd anns na beanntan cuideachd, ged a dh'fhaodadh sin a bhith mì-shoilleir, oir chleachdar streap airson dol suas beanntan no creagan casa le ròpaichean agus innealan sònraichte.