Jump to content

Eilean Bhaffin

O Uicipeid
Eilean Bhaffin
Oirthir an earra-thuath Eilean Bhaffin

'S e eilean air àird an iar-thuath a’ Chuain Siar a tha ann an Eilean Bhaffin[1] (Inuktitut: Qikiqtaaluk, Fraingis: Île de Baffin, Beurla: Baffin Island, Sean-Lochlannais: Helluland). Tha e suidhichte ann an Nunavut, Canada.

'S e Eilean Bhaffin an t-eilean as motha a tha ann an Canada agus an còigeamh eilean as motha air feadh an t-Saoghail.

Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 11,000 duine a’ fuireach air an eilean fhèin.

'S e Mount Odin a’ bheinn as àirde air an eilean, tha e 2,147 metair os cionn na mara.

S e Iqaluit am baile as motha a tha ann an Eilean Bhaffin.

Thàinig ainm an eilean bho William Baffin, rannsaichear Sasannach a bha a' lorg an t-Seòlaid an Iar-Thuath aig toiseach an 16mh linn.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag