Kristján Eldjárn
Kristján Eldjárn | |||
---|---|---|---|
1 dhen Lùnastal 1968 - 31 dhen Iuchar 1980 ← Ásgeir Ásgeirsson - Vigdís Finnbogadóttir → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Kristján Eldjárn Þórarinsson Eldjárn | ||
Breith | Tjörn í Svarfaðardal (en) , 6 dhen Dùbhlachd 1916 | ||
Dùthaich | Innis Tìle | ||
Bàs | Cleveland, 14 dhen t-Sultain 1982 | ||
Àite-adhlacaidh | Fossvogur up cemetery (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | (tinneas rian a' chridhe 's nan cuislean) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Þórarinn Kr. Eldjárn | ||
Cèile | Halldóra Eldjárn (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Copenhagen Oilthigh Innis Tìle | ||
Cànain | Innis Tìlis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | Neach-tasgaidh, daon-eòlaiche, neach-poileataigs agus àrc-eòlaiche | ||
Fastaichean | Oilthigh Innis Tìle | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ballrachd | Acadamh Rìoghail na Suaine airson Litrichean, Eachdraidh agus Àrsaidheachd | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | neach-poileataigs neo-eisimeileach |
B' e neach-tasgaidh, àrc-eòlaiche, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Kristján Eldjárn (kʰrɪstjaun ˈɛltjaurtn̥).[1] Rugadh e air 6 an Dùbhlachd 1916 ann an Tjörn í Svarfaðardal (Norðurland eystra). Fhuair Eldjárn a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn á Akureyri (Norðurland eystra) agus an uair sin thug e ceum ann an àrc-eòlas bho Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Phòs e aig Halldóra Ingólfursdóttir ann an 1947 agus fhuair iad ceathrar chloinne còmhla.[2] Bha e os cionn Taigh-tasgaidh Nàiseanta Innise Tìle eadar 1945 agus 1968, nuair a chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe na dùthcha. Chaochail Björnsson ann an Cleveland, Ohio air 13 an t-Sultain 1982.[3]
Taghaidh dhan Cheannas
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a thaghadh dhan cheannas trì tursan. Seo na torridhean a fhuair e:
Bliadhna | Bhòtaichean | % |
---|---|---|
1968 | 67,544[4] | 65.59% |
1972 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh | |
1976 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh |
Prìomh-mhinistearan fo Eldjárn
[deasaich | deasaich an tùs]Bha Eldjárn na cheann-suidhe fad dà bhliadhna deug agus bha seachdnar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:
- Bjarni Benediktsson
- Jóhann Hafstein
- Ólafur Jóhannesson
- Geir Hallgrímsson
- Ólafur Jóhannesson
- Benedikt Sigurðsson Gröndal
- Gunnar Thoroddsen
Ro-theachdair: Ásgeir Ásgeirsson (1968) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Vigdís Finnbogadóttir (1980) |