La Rioja (An Spàinn)
La Rioja
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Logroño | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 5,045 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 308,968 (2014) | ||||
Dlùths | 61.24/km² | ||||
Àireamh fòn | + (977) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann La Rioja (IPA: la ri'oxa). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Logroño a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd. Tha La Rioja aon-roinneil. 'S e La Rioja an 16mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,045 cilemeatair ceàrnagach, 1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 308,968 duine de shluagh ann,[1] le dluths aig àireamh 16.01 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an La Rioja. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de La Rioja. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[2]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann am Basgais: Tha Dùthaich nam Basgach faisg air làimh. Thuirt José Luis Álvarez Enparantza nach robh alt ann idir ach facal slàn à larre (Gàidhlig: sgìre dhùthchail) agus ola (Gàidhlig: àite-obrach). Rinn esan bunachadh cuideachd: Larreola → Larreoha → Larreoja → Larrioja.[3] Bha Mateo Anguiano Nieva dhen bheachd gur ann à herri (Gàidhlig: dùthaich) agus ogi (Gàidhlig: aran) a tha an t-ainm, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a' gabhail ri sin an latha an-diugh. Tha an treas teòiridh - a rèir Merino Urrutia[4] - a' cantainn gu bheil an t-ainm a' ciallachadh coille, bho oia.
Ceangal a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Parlamento de La Rioja
- ↑ Euskal fonologia, Álvarez Enparantza J.P., Ediciones Vascas, 1980
- ↑ Merino Urrutia
Andalusia • Aragón • Asturias • Na h-Eileanan Balèarach • Na h-Eileanan Canàrach • Cantàbria • Castilla-La Mancha • Castilla y León • Catalòinia • Co-chomann València • Dùthaich nam Basgach • Extremadura • A' Ghàilis • Madrid • Melilla • Murcia • Nafarroa • La Rioja • Ceuta