Les Misérables
Les Misérables (Daoine fo Thruagh) | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Victor Hugo |
Bliadhna Foillseachaidh | 1862 |
Cànan | Fraingis |
Dùthaich | An Fhraing |
Gnè-sgrìobhaidh | Nobhail romansach |
Cuspair | Teaghlach, Cogadh, Bochdainn, Mì-cheartas, Ar-a-mach, Eucoir, Clas Sòisealta |
Suidhichte | Digne-les-Bains, Montfermeil, Montreuil-su-Mer, Paris, Toulon agus Waterloo |
'S e nobhail eachdraidheil agus sòisealta Fraingis, air a sgrìobhadh le Victor Hugo ann an stoidhl romansach, 's th' ann an Les Misérables (Gàidhlig: Daoine fo Thruagh).[1] Chaidh fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an 1862. Suidhichte ann an Digne-les-Bains, Montfermeil, Montreuil-su-Mer, Paris, Toulon agus Waterloo fad 17 bliadhna eadar 1815 agus 1832, eadar Blàr Waterloo agus Ar-mach an ògmhios 1832, 's ann mun teaghlach, cogadh, bochdainn, mì-cheartas, ar-a-mach, eucoir agus clas sòisealta[2] 's a tha an leabhar. Tha cuid ag ràdh gur i an nobhail as fhèarr air a sgrìobhadh san 19mh Linn 's a th'innte, agus i cuideachd a-measg an fheadhainn as fhaide, le 2,783 duilleagan. Thug na sgrìobh Honoré de Balzac buaidh uabhasach fhèin làidir air Victor Hugo agus thathar dhen bheachd gu bheil ceanglaichean ann eadar Les Misérables agus Le Père Goriot.[3]