Litreachas na h-Alba
Faic cuideachd: Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach
’S e litreachas a chaidh a sgrìobhadh ann an Alba no le ùghdaran Albannach a th’ ann an litreachas na h-Alba.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann anns a' Bhriothannais a chaidh na teacsaichean a bu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh Y Gododdin. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas Chuimris. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an Laideann, Fhraingis no Sheann-Lochlannais (ged a chaidh an Orkneyinga Saga ainmeil a sgrìobhadh ann an Innis Tìle), ach b' e litreachas sgrìobhte anns A' Bheurla Ghallda a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na Meadhan-aoisean, le bàird mar John Barbour, William Dunbar, Walter Kennedy (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no David Lyndsay.
As dèidh an aonaidh eadar Alba is Sasainn ann an 1603, thug Beurla an àite a bha aig Beurla Ghallda mar a' phrìomh-chànan de litreachas Albannach,[1] ged a chùm ùghdaran mar Allan Ramsay, James Hogg agus am "bàrd nàiseanta" Raibeart Burns sgrìobhadh anns an Beurla Ghallda. Bhuannaich grunnan ùghdaran Albannach bhon àm sin cliù air feadh an t-saoghail, Seumas Mac a' Phearsain leis na h-"eadar-theangachaidhean" fuadain Oiseanach, Walter Scott le nobhailean eachdraidheal, Robert Louis Stevenson agus Arthur Conan Doyle nam measg. Anns am 20mh linn thàinig ris an canar Ath-bheòthachadh na h-Alba le sgrìobhadairean mar Hugh MacDiarmid (Ùisdean MacDhiarmaid), Lewis Grassic Gibbon, Compton Mackenzie agus Edwin Morgan. Chunnaic an dàrna leth den linn ùghdaran a' sgrìobhadh ann an dà de na cànanan na h-Alba, m.e. Iain Mac a' Ghobhainn (no Iain Crichton Smith) a sgrìobh an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, air no Irvine Welsh a tha a' measgachadh na Beurla agus na h-Beurla Ghallda anns na nobhailean aige.
Litreachas Gàidhlig na h-Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Faic cuideachd: Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig
Ged a tha beartas mòr beul-aithris aig a' chànan, cha do mhair teacsaichean sgrìobhte aosda innte gu ruige seo ach a-mhàin Leabhar Deathan Lios Mòir (leabhar ioma-chànanach leis a' Ghàidhlig mar a' phrìomh chànan) bhon 16mh linn. Thathar a' smaoineachadh gur e poileasaidhean rìoghail an aghaidh na Gàidhlig as coireach gun deach mòran sgrìobhaichean sa chànan a sgriosadh.[2] A dh'aindeoin a' chliù a bhuannaich Seumas Mac a' Phearsain, cha robh eadar-theangachadh iomraiteach de Bhìoball ann gus deireadh an 18mh linn. Chaidh a' chiad nobhail sa chànan, Dùn Aluinn le Iain MacCormaig, fhoillseachadh ann an 1912. Rè na 20mh linn bha bàrdachd Ghàidhlig le ùghdaran mar Somhairle MacGill-Eain, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn, Crìsdean Whyte neo Meg Bateman a bu shoirbheicheile, ged a sgrìobhadh ùghdaran mar Iain Mac a' Ghobhainn, Tormod Caimbeul neo Aonghas Pàdraig Caimbeul rosg ùr-ghnàthach cuideachd. Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Ùr-sgeul[3] as cudromaiche airson a bhith a' brosnachadh foillseachadh bàrdachd is ruisg san 21mh Linn ('s e foillsichear CLÀR a dh'fhoillsich Ùr-Sgeul), mar eisimpleir nobhailean le Tormod Caimbeul, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Iain F MacLeòid neo Tormod MacGill-Eain. 'S e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig am buidheann as cudromaiche airson leabhraichean foghlaim.
Duilleagan co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ T.C. Smout: A History of the Scottish People 1560-1830, 1969, tdd 460-461.
- ↑ Peter Berresford Ellis: MacBeth, High King of Scotland, 1040-57, 1980
- ↑ Storey, John (March 2007). "Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum?" (PDF). Seminars on Research on Language Policy and Language Planning. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Retrieved 31 July 2012.