B’ e meanbh-dhùthaich neo-eisimeileachd am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (gu ruige 1806) anns a’ Ghearmailt eadar 1778 agus 1918 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Reuß-Greiz (Gearmailtis: Fürstentum Reuß-Greiz).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1778 nuair a dh' àrdachadh an t-Iarla gu Prionnsa.[2] Bha Reuß-Greiz na ball Co-chaidreachas na Rèine eadar 1807 agus 1813.[3] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Greiz a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an teaghlach uasal Reuß a bha os a cionn.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Reuß-Greiz agus leig am Prionnsa Heinrich XXIV dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]
- 1778 - 1800 Heinrich XI.
- 1800 - 1817 Heinrich XIII.
- 1817 - 1836 Heinrich XIX.
- 1836 - 1859 Heinrich XX. (Bràthair Heinrich XIX.)
- 1859 - 1902 Heinrich XXII.
- 1902 - 1918 Heinrich XXIV.
- ↑ Deutsche Schutzgebiete
- ↑ Thür. Staatsarchiv Greiz, Hausarchiv, Eiserne Truhe: Erhebungsurkunde
- ↑ Napoleon
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Lucha de Clases