Jump to content

Sòisealachd Libeirtèireach

O Uicipeid
Sòisealachd Libeirtèireach
Fiosrachadh
Luchd-stèidhichidh Mikhail Bakunin Karl Marx
Beachdan
Linn 19mh Linn, 20mh Linn
Buidhnean Besti flokkurinn

'S e seòrsa sòisealachd air a stèidheachadh gu ìre mhòr air teòiridhean Mikhail Bakunin[1] 's th' ann an Sòisealachd Libeirtèireach air neo Sòisealachd Ain-Riaghailteach. Tha sòisealachd libeirtèireach a' toirt gu bàrr feallsanachd phoilitigeach a tha ag amas air comann a stèidheachadh saor bho rangachd phoilitigeach, shòisealta agus eaconamach sam bith. 'S e th' ann comann-sòisealta far am biodh institiud co-èiginneach, brùideil, ùghdarrasach no fòirneartach air a thoirmeasg, agus anns a bheil làn chothroman aig a h-uile duine an-asgaidh agus co-ionann ris a h-uile goireas fiosrachaidh agus cinneasachaidh - no comann-sòisealta anns am biodh na h-institiudan sin air an lughdachadh gu ìre.[2] Thuirt Dwight NicDhòmhnaill gu robh sòisealachd Libeirtèireach na "chomann gun chlas agus gun stàit, anns a bheil cinneasachadh co-obrachail, agus far nach bi neach fa leth a' cleachdadh smachd phoilitigeach no eaconamach thairis air fear eile",[3] comann a bhiodh "air a bhreithneachadh aon de na cothroman a bheir e don neach fa leth na tàlantan agus a phearsantachd a leasachadh. Bhiodh an co-ionannachd agus an saorsa seo air a choileanadh sa mhòr-chuid tro bhith a' cur às do na h-institiudan ùghdarrais air an dàrna làimh, agus tro sheilbh prìobhaideach air an làimh eile, gus am bi smachd dhìreach air na dòighean toraidh air an cumail leis an clas obrach. Tha sòisealachd libeirtèireach a' tagradh ann a bhith ag aithneachadh, a' càineadh agus a' cur às do gach ùghdarras, air a mheas mar dhìolain anns gach taobh de bheatha shòisealta. Mar sin tha sòisealaich libertaraich den bheachd gu bheil “cleachdadh cumhachd ann an cruth institiùideach sam bith, biodh e eaconamach, poilitigeach, cràbhach no feise - a' dèanamh uiread de dh' fhòirneart dhaibhsan a tha ga chleachdadh agus dhaibhsan a tha ga fulang”

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Masters, Anthony (1974), Bakunin, the Father of Anarchism, Saturday Review Press, ISBN 0-8415-0295-1
  2. The Anarchist library
  3. Mattson, Kevin. 2002. Intellectuals in Action: The Origins of the New Left and Radical Liberalism, 1945–1970. University Park, PA: The Pennsylvania State University Press, 2002. p. 34

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Libertarianism