Svante Arrhenius
B' e ceimigear às An t-Suain a bha ann an Svante Arrhenius (Vik 1859–Stockholm 1927). Bha e na oileanach aig Oilthigh Uppsala eadar 1876 agus 1881 nuair a dh'imrich e dhan Oilthigh Stockholm agus chuir e crìoch air a theusais, Recherches sur la conductibilité galvanique des électrolytes ann an 1884, anns an do lorg e gun nuair a sgaoileas salainn ann an uisge, bhriseas iad agus chruthaicheas iad aidheonan. Chaidh e na òraidiche aig Oilthigh Uppsala ann an 1884 agus shiubhal e do Riga, Würzburg, Graz agus do dh'Amsterdam. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Stockholm ann an 1895 agus ceannard an Institiud Nobel airson Ceimigeachd Fhiosaigeach ann an 1905.[1]
Rinn e a chiad òraid riamh mu atharrachadh na gnàth-shìde aig Comann Fiosaigeach na Suaine ann an Stockholm ann an 1895 mun buaidh gualan dà-ogsaid san adhair air teòthachd air an talamh, anns an do dh'àireamhaich e buaidh meudachadh is lùghdachadh gualan dà-ogsaid san adhair air an Artaig is co-chruinne CO2 san adhair aig àm Linn na Deighe.[2] Thug e taic don teòiridh Panspermia, a chaidh a chruthachadh le Anaxagoras is chaidh a leasachadh le Hermann Richter, gun do thàinig beatha à planaidean eile, ann an òraid ann an 1908.[3]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a cho-aontar a tha ceangal reat iom-obrachaidh do theòthachd ainmicheadh air.[4] Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1903 airson an obrach aige mu leactroilisis.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Svante Arrhenius - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Svante Arrhenius”. Earth Observatory, NASA. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ Fleischfresser, Stephen (24mh dhen Ghiblean 2018): “Over our heads: a brief history of panspermia,” ann an: Cosmos. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ (1997). ISBN 0-9678550-9-8.): “Arrhenius equation”, ann an: McNaught, A. D. ⁊ Wilkinson, A.: IUPAC. Compendium of Chemical Terminology, 2nd ed. (the "Gold Book"). Oxford: Blackwell Scientific Publications. Tionndadh XML ceartaichte air loidhne le M. Nic, J. Jirat, B. Kosata; ùrachaidhean chruinnichte le A. Jenkins.
- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1903”. Nobel Media AB. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2019.