València
València
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | València | ||||
Sgìre | Co-chomann València | ||||
Co-chomharran | 39° 29' Tuath 00° 22' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 134.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 809,267 (2010) | ||||
Dlùths | 6,010.15/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 963 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus port[1] cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann València (IPA Catalanais: va'lensia, IPA Spàinntis: ba'lenθja). Chaidh e a stèidheachadh mu 137 Ro Chrìosd le Saighdearan Ròmanach. Sgrìobh Livius gur ann às an fhacal Laideann Valentia, a tha a’ ciallachadh fearalas, a bha an t-ainm.[2] Tha València suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig 10m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Turia.[4] Tha València 307km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 291km bho Bharcelona.[5] Tha 809,267 daoine a’ fuireach ann an València,[6] am baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an treas baile na Spàinne.[7] Chaidh an Llotja, neo Maragaidh Shìoda, ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO.[8] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne València a th’ann València cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Valentia Edetanorum, (IPA: waˈlentia, Gàidhlig: Gaisge) ann an Laideann a th' ann an t-ainm air sàilleabh gun tug an sgìre gu seann shaighdearan arm nan Ròmanach anns an dàrna linn.[9] Chleachadh an t-ainm بلنسية (Balansiyya) airson na sgìre[10] air fad agus مدينة التراب (Medina at-Turab) airson a’ bhaile ann an Arabais ro 1245 – ‘s e an abhainn Turia a shruthas tron bhaile fhèin. Chaidh fuaimneachadh an ainm atharrachadh fad na linn gu nàdarra gu baˈlenθja ann an Spàinntis – ged a thathar ga fhuaimnechadh ann an dòigh gu math dlùth air Laideann ann an Catalanais: w → b agus t → s.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[11]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an València.[12] Cha thuit ach 475mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 698mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[13] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Lucía Etxebarría: Sgrìobhadair
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Bologna, An Eadailt
- Mainz, A' Ghearmailt
- Valencia (Carabobo), A' Bheiniseala
- Sacramento, Na Stàitean Aonaichte
- Odesa, An Ùcrain
- Burgos, An Spàinn
- Veracruz, Meagsago
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Puerto de Valencia
- ↑ Oilthigh Huntsville
- ↑ Mongabay
- ↑ Valencia VIP
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ UNESCO
- ↑ Astin. E., The Cambridge Ancient History, Cambridge University Press, 1989, ISBN 978-0-521-23448-1.
- ↑ Las Provincias
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Aemet
- ↑ Oifis na Sìde