Jump to content

Vestfirðir

O Uicipeid
Vestfirðir
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Prìomh-bhaile Ísafjörður
Siorrachdan Traidiseanta Austur-Barðastrandarsýsla, Norður-Ísafjarðarsýsla, Strandasýsla, Vestur-Barðastrandarsýsla agus Vestur-Ísafjarðarsýsla
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9,409 km²
Àireamh-shluaigh 7,309 (2007)
Dlùths 0.78/km²
Duilleag oifigeil Vestfirðir

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann am Vestfirðir (Gàidhlig: Lochan Mara an Iar).[1] Tha e suidhichte gu math tuath air Reykjavík, eadar Norðurland vestra agus Vesturland. 'S e Ísafjörður a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2] Tha an sgìre a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[3]

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vestfirðir gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vesturland.[4] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vestfirðir gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[5]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[6] 'S e gu bheil dì-dhaoineachadh na trioblaid mhòr san roinn. Tha an uiread dhaoine a tha san roinn air a bhith a' tuiteam gu cunbhlach bho na 1920an.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 13,443 14.24%
1930 13,133 12.09%
1940 13,130 10.80%
1950 11,300 7.83%
1960 10,507 5.86%
1970 10,050 4.91%
1980 10,479 4.53%
1990 9,798 3.80%
2000 8,150 2.86%
2007 7,309 2.32%

Siorrachdan ann am Vestfirðir

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha còig seann shiorrachdan ann am Vestfirðir: Austur-Barðastrandarsýsla, Norður-Ísafjarðarsýsla, Strandasýsla, Vestur-Barðastrandarsýsla agus Vestur-Ísafjarðarsýsla.


Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Ísafjörður[dead link]
  3. Alþingi
  4. Stjórnarriðið
  5. Landskjór
  6. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: