A' Phìob Mhòr
'S e a' phìob-mhòr an seòrsa pìoba as cumanta ann an Albainn agus san t-saoghal. Tha seannsair oirre, leis a chluichear na puirt, trì dosan (dà dhos beag no tenor, agus beus) agus ribheid no goth sònraichte air gach pàirt airson an fhuaim a dhèanamh. Thathar a' dèanamh dheth gur ann bhon 17mh Linn a tha na trì dosan agus seannsair air an aon mhala phìoba, aig an àm a bha na pìobairean dha-rìreabh cudromach ann an sòisealtas Gàidhealach, 's a bha teaghlaichean cliùiteach de phìobairean a' cumadh stòidhle ciùil sònraichte ris an canar ceòl mòr, m.e. na MicCriomain, na h-Artaraich, na MicFhraing no na Griogaraich. An dèidh Bhlàr Chùil Lodair chaidh na cleachdaidhean Gàidhealach ann an cruaidh-chàs, ach dh’fhàs i gu math cumanta a-rithist, gu h-àraid bhon 19mh Linn, mar inneal-ciùil cleachdte anns an arm Bhreatannach gus na saighdearan a bhrosnachadh air a bhlàr, agus mar riochdaire a' chiùil Albannaich aig an àm a bha an dualchas Gàidhealach a' fàs measail am measg nan romansach. San latha an-diugh tha ceudan de chòmhlanan-pìoba, gu sònraichte ann an Albainn, Èirinn agus Aimearaga a Tuath, agus bidh co-fharpaisean gan comharrachadh air feadh an t-saoghail.
Cluicheadairean Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Leabhar-chlàr
[deasaich | deasaich an tùs]- The Book of the Bagpipe. Le Ùisdean Cheape. National Museums Scotland, Dùn Èideann, 2008
- Bagpipes. A National Collection of a National Instrument. Le Ùisdean Cheape. The Appletree Press, Beul Feirste, 1999
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Farpais Còmhlain Pìoba na Cruinne
- Cruinneachadh a' Chinn a Tuath
- Còmhlan Pìoba an Eilein Sgitheanaich
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Gaelic Names of Pibrochs - A Concise Dictionary, Roderick D. Cannon (2009)
Gaoth-ionnsramaidean | Alpenhorn • Clàirneid • Còrn Sasannach • Cruit • Duiseal • Feadag • Fliùiteag • Obo • A' Phìob Mhòr • Torm-fheadan |
Ionnsramaidean pràise | Cimbasso • Dùdach • Euphonium • Flugelhorn • Sacsafon • Sousaphone • Tiùba • Trombaid • Trombon • Trombon dùrd |
Ionnsramaidean-theud | Ailt • Bainsio • Beus-fhìdheall • Beus-ghiotàr • Clàrsach • Fìdheall • Tromb-beòil |
Ionnsramaidean-bheuma | Bòdhran • Druma |
Ionnsramaidean clàir-iuchrach | Bogsa-ciùil • Bogsa-phutan • Bogsa-piàna • Clabha-chòrd • Consairtean • Cruit-chòrda • Òrgan • Piàno |
Eile | Bogsa-ciùil • Conachag |