Caol Àcainn
Caol Àcainn | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 16′ 23″ Tuath 5° 43′ 41″ Iar |
Comharradh-clèithe | NG752263 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01599 |
Còd-puist | IV41 |
Duilleag oifigeil | Undiscovered Scotland |
'S e baile beag a tha ann an Caol Acain[1][2], Caol Àcain[3] no Caol Àcainn[4] (Beurla: Kyleakin). Tha e suidhichte air ceann an ear an Eilein Sgitheanaich. Tha Caol Loch Aillse mu a choinneimh, thall air tìr-mòr na h-Alba.
Eadar 1841 is 16 an Dàmhair 1995 bha aiseagan a’ ruith eatorra, gus an deach Drochaid an Eilein Sgitheanaich a thogail anns a' bhliadhna 1995. Air 22 an Dàmhair 2010 chaidh am bàta HMS Astute an sàs air aʼ grunnd aig Caol Àcainn.[5]
Cuideachd tha seann chaisteal ann a chaidh a thogail anns an 15mh linn. 'S e Caisteal Maol an t-ainm a th’ air.
Bun ainm an àite
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Àcainn san ainm Caol Àcainn a' buntainn ri ainm Rìgh Lochlannach, Rìgh Hacon (Haakon). B' e seo Rìgh a chaidh a chogadh ris na h-Albannaich, ach a chaill Cath na Leirge ann an 1263. An dèidh a' chath, ghabh na Lochlannaich an ruaig. Chaidh an luingeis a sgapadh bho chèile le gaoith, agus sheòl iad mu thuath ris na h-eileanan. Dh'fhàs an Rìgh Hacon tinn, agus chaidh e air tìr ann an Caol Hacoin. Chuir e seachad ceithir latha deug air an rèidhlean ghorm a tha a' giùlan ainm an Rìgh gus an latha an-diugh. Tha e coltach gun robh an ceàrn sin den Eilean Sgitheanach aig an àm ud fo ùghdarras nan Leòdach a bha de fhuil rìoghail Lochlainn iad fhèin. Tha e air aithris gum b' e sin an t-adhbhar nach do chuir Sgitheanaich an latha sin dragh air an sgioba a bha leis an Rìgh ged bu nàimhdean iad do Rìgh Alba.[6]
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Caol Acain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ “Caol Acain”. Stòr-dàta Briathrachais, Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 76. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ “Caol Àcainn”. Am Faclair Beag. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ "Nuclear submarine HMS Astute runs aground off Skye". BBC News. 2010-10-22. Retrieved 2010-10-22.
- ↑ Am Measg nam Bodach, An Comunn Gàidhealach (1938), taobh-duilleig 67
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Caol Àcainn - duilleag eadar-lìon
- Fiosrachadh mu Chaisteal Moil
- BBC Naidheachdan 2016-03-29: Tuathanas èisg an Caol Àcain? (aithris bhideo 2:06, mu fhactoraidh bìdhe éisg)