Dyke White
Dyke White | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghaidhealaibh, 1885 |
Bàs | 1933 |
Dreuchd | |
Dreuchd | cartùnaiche |
B' e peantair agus dealbhadair-èibhinn à Alba a dhèanadh fòcas air cuspairean poileataigeach a bh' ann an Dyke White air neo Charles Gordon McClure (Gàidhlig: Teàrlach Gòrdan MacGilleUidhir, Baile Gheàrr Lios, 14 an Gearran 1885 - Lèanaidh, 25 an t-Iuchar 1933).[1] Dh'fhalbh an teaghlach Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) nuair a bha e gu math òg agus thogadh e ann an Glaschu. Bhuineadh a theaghlach dhan chlas bhuirdeasach bheag leis gu robh bha athair na neach-bùtha. Fhuair e a chuid foghlaim aig Sgoil-ealain Ghlaschu, far a choisinn e an Sgoilearachas-siubhail Haldane, a leig leisean a dhol thall thairis chun na Spàinne agus An Eadailt. Ghabh e anns an NUJ ann an 1917, air sgàth cho tàlantach 's a bha e a thaobh dhealbhan-èibhinn. Chuir a seachad trì bliadhna ann an Lunnainn, bho 1926 gu ruige 1929. Thill e a dh'Alba, far an robh e na dhealbhadair-èibhinn airson Outram agus a chuid obrach ga foillseachadh anns na pàipearan-naidheachd mar an Daily Record, Daily Mail, agus an Scottish Daily Express fad na 20an agus na 30an. Bha e cuideachd na dhealbhadair-èibhinn air an Rand Daily Mail thall ann an Johannesburg, Afraga a Deas, ach thill e dhachaidh o chionns nach do chòrd suidheachadh poileataigeach na dùthcha idir ris.[2] Phòs e aig Hilda Butler ann an agus fhuair iad triùir duine-cloinne ri chèile: Ramsey, Robin agus Rachel. Chleach an t-Uidhireach an t-ainm-pinn Dyke White oir b' ann ann an tuathanas air an robh White Dyke (Gàidhlig: gàrradh geal), air iomall Baile Gheàrr Lios, a rugadh e.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Aye Whithorn
- ↑ Murray Schoonraad, Elzabé Schoonraad (1989). Companion to South African cartoonists. ISBN 9780868521145.
- ↑ Aye Whithorn