Husinec
Husinec
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Prachatice | ||||
Sgìre | Jihočeský kraj | ||||
Co-chomharran | 49° 03 11' Tuath 13° 59 06' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10.34 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,411 (2017) | ||||
Dlùths | 136.46/km² | ||||
Àireamh fòn | + 499 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.husinec.cz/ |
'S e baile beag anns an sgìreachd (Seacais: okres) Prachatice ann an ceann a deas Poblachd nan Seiceach a th' ann an Husinec (Gearmailtis: Husinetz). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1291 agus chaidh àrdachadh bho obce (clachan) gu město (baile) ann an 1359. Bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Thogadh caisteal an seo anns an 14mh Linn ach rinn teine droch sgrios air ann an 1441. Ann an 1945, aig deireadh an Dàrna Cogaidh, b' e saighdearan às Na Stàitean Aonaichte a shaoraich am baile bho na Gearmailtich. Tha e suidhichte faisg air na crìochan leis A' Ghearmailt eadar Regensburg agus České Budějovice san roinn (Seacais: kraj) Jihočeský, aig 504m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-Aibhne Blanice, 119km air falbh bho Phràg, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha 1,411 duine a' fuireach ann.[2]