Jump to content

Jane Haining

O Uicipeid
Jane Haining
Beatha
Breith Dùn Sgoir, 6 dhen Ògmhios 1897
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs Campa-dùmhlachaidh Auschwitz, 17 dhen Iuchar 1944
Foghlam
Foghlam Dumfries Academy (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd miseanaraidh
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Seanaireachd

B' e neach-teagaisg agus miseanaraidh à Alba a bh' ann an Jane Mathison Haining (Dùn Sgoir, 6 an t-Ògmhios 1897 - Auschwitz, 17 an t-Iuchar 1944.[1] Thogadh e ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Dhùn Phris (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach uabhasach creideamhach: bha athair na thuathanach roimhpe agus bhuinneadh iad dhan An Eaglais Shaor Aonaichte, a ghabhadh ri Calbhanachas. Fhuair e a chuid foghlaim aig Acadamaidh Dhùn Phrìs.[2] Rinn Jane Haining cùrsa gnothachais aig a' Cholaiste ann an Glaschu agus an uair sin chuir i seachadh 10 bliadhna ag obair às leth J. and P Coats Ltd ann am Pàislig, is ise na clàrc agus na rùnaire. Ann an 1932 fhuair i dreuchd ann an sgoil mhiseanaraidh, a bhuinneadh do dh' Eaglais na h-Alba, ann am Budapest, anns a bhathar a' soisgleachadh coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile. Chaidh Haining a bhur an greim leis a' Ghestapo air 25 an Cèitean 1944 agus iad a' fàgail oirrese gu robh ise ri beachdaireachd agus a' cuideachadh nan Iùdhach. Chaochail i anns a' Champa-dùmhlachaidh Auschwitz an ceann dà mhìos, air 17 an t-Iuchar 1944.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. DG Online
  2. Undiscovered Scotland
  3. Life and Work

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]