Uppsala
Uppsala
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Uppland | ||||
Sgìre | Uppsala län | ||||
Co-chomharran | 49° 51 00' Tuath 17° 38 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 48.77 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 140,454 (2010) | ||||
Dlùths | 2,879.93/km² | ||||
Àireamh fòn | + 46 018 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.uppsala.se/ |
'S e baile mòr an am meadhan na Suaine a th' ann an Uppsala (IPA: /ˈɵpːˌsɑːla/). The suidhichte ri taobh na h-aibhne Fyrisån, aig dìreach 10m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Uppland,[2] 403km air falbh bho Ghöteborg, 513km bho Helsingborg, 546km bho Mhalmö, 696km bho bhoden agus 61km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 13mh Linn agus chaidh Oilthigh a chur air bhog an seo ann an 1477. Tha 140,454 duine a' fuireach anns a' bhaile,[4] an 4mh baile as motha na dùthcha.[5]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Seann-Lochlannais: up (suas/àrd) agus salla (talla) a tha an t-ainm.[6] Bheireadh sin An Talla Àrd dhuinn sa Ghàidhlig air neo Uphall sa Bheurla Ghallda an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda up a th' ann an upp agus leis a' Ghàidhlig talla a th' ann an salla.[7] B' e Östra Aros (Àros an Ear) a chanadh ris roimhe.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Oilthigh Saidheansail an Àiteachais a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann an Uppsala fhèin, Alnarp, Skara agus Umeå.[8] Thogadh Dag Hammarskjöld, Riochdaire dioplòmasach agus ceannard nan Dùthchannan Aonaichte bho 1953 gu ruige 1961, ann an caisteal faisg air Uppsala.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Anders Celsius: (1701 – 1744) Matamataigear.
- Anna Maria Lenngren: (1754 – 1817) Sgrìobhadair.
- Svante Arrhenius: (1859 – 1927), Ceimigear.
- Nathan Söderblom: (1866 – 1931), Easbaig agus neach-poileataigs.
- Alva Myrdal: (1902 – 1986), Eòlaiche-comainn agus tè-poileataigs.
- Ingmar Bergman: (1918 – 2007): Rìochdadair fiolmaichean.
- Arvid Carlsson (1923): Bèo-eòlaiche eanchainn.
- Torsten Wiesel (1924): Bèo-eòlaiche eanchainn.
- Hans Blix: (1928) Rìochdadair Dioplòmasach.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Bærum[9]
- Craiova
- Daejeon[10]
- Frederiksburg[11]
- Hafnarfjörður[12]
- Hämeenlinna[13]
- Minneapolis[14] (Minnesota)
- Tartu[15]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Nationalencyklopedin
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Dùthcha
- ↑ Bailtean na Cruinne[dead link]
- ↑ Runeberg
- ↑ Mats Wahlberg, (2003). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X
- ↑ Study in Sweden
- ↑ Bærum Kommune
- ↑ 대전광역시
- ↑ Frederiksburg Kommune[dead link]
- ↑ Hafnarfjörðarkaupstaður
- ↑ Hämeenlinna
- ↑ City of Minneapolis
- ↑ Tartu