Banjul
Banjul | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Ghaimbia |
Ceàrn | Greater Banjul Area |
Sgìre | Banjul |
Co-chomharran | 13°28' Tuath 16°36' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 12 km² |
Àireamh-shluaigh | 34.125 (2003) |
Dlùths | 2.84/km² |
'S e prìomh-bhaile na Gaimbia a tha ann am Banjul. Tha e suidhichte air Eilean St Mary, far a bheil an Abhainn Ghaimbia a' sruthadh don Chuan Siar. Tha am baile ceangailte ris an tìr 'sa tuath le bàtaichean aiseig agus 'sa deas le drochaid. Tha Banjul 167km air falbh bho Dhakar (Seanagal), 208km bho Bhissau (Gini-Bissau), 522km bho Nouakchott (Moratainia agus 538km bho Conakry (Gini).[1] 'S e seo an co-chomharran aige: 13° 28' Tuath agus 16° 36' Iar. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 5m os cionn ìre na mara.[2]
Anns a’ bhliadhna 2003 bha dìreach 34,828 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, ach bha 523,589 duine a’ fuireach anns an fharsaingeachd gu lèir. Chaidh Banjul a stèidheachadh leis na Breatannaich anns a’ bhliadhna 1816 mar àite-malairt. Aig an àm sin b' e Bathurst an t-ainm a bha air airson urram a thoirt do Henry Bathurst, 3mh Iarla Bhathurst. Tha port-adhair eadar-nàiseanta aige: Banjul International Airport. Tha Banjul suidhichte aig an Trans-West African Coastal Highway, mar sin dheth tha e ceangailte ri Dakar agus Bissau.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Edward Francis Small: (1891 – 1958) Ceannard aonaidhean-ciùird.
- Lenrie Peters: (1932 – 2009) Bàrd, Dotair, Sgrìobhadair.
- Julia Dolly Joiner: (1956 –) Tè-poileataigs.
- Ebou Dibba: (1943 – 2000) Sgrìobhadair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Sràid ann am Banjul
-
Am mosg
-
Banjul bhon fhànais
-
Sràid ann am Banjul
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Prìomh-bhailtean na h-Afraga
- WOW-Gambia Naideachdan agus Fiosrachadh
- Gambia Site le eachdraidh Bhanjul
- Naidheachdan às a' Ghaimbia
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé