Porto-Novo
Porto Novo | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Benin |
Sgìre | Ouémé |
Co-chomharran | 06° 29 50' Tuath 02° 36 18' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 110 km² |
Àireamh-shluaigh | 223,552 (2002) |
Dlùths | 2,032.29/km² |
'S e prìomh-bhaile Bheinin a tha ann an Porto-Novo, ainm eile: Hogbonou neo Adjacé. Tha e suidhichte ann an ear-dheas na dùthcha aig an Gulf of Guinea, aig 40m os cionn ìre na mara.[1] Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 28' Tuath agus 2° 36' Ear. [2] Tha Porto Novo 25km air falbh bho Chontonou, 131km bho Lomé (Togo), 614km bho Abuja (Nìgeiria), 784km bho Niamey (Niger) agus 796km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[3]
'S e an dàrna bhaile as motha a tha ann am Beinin. 'S e Cotonou am baile as motha agus as cudthromaiche a tha ann, o choinn's gu bheil an riaghaltas an sin. Canar gun deach Porto-Novo a stèidheachadh anns an 16mh linn leis an rìgh Te-Agdanlin à Allada. Thàinig ainm a' bhaile às a' chànan Portagailis, tha e a’ ciallachadh “port ùr”. Chaidh Porto-Novo a chleachdadh mar àite-malairt le tràillean.
Àitichean inntinneach
[deasaich | deasaich an tùs]- Porto Novo Museum of Ethnography, Taigh tasgaidh dualchas le mòran fiosrachaidh mu eachdraidh a’ bhaile agus eachdraidh Bheinin.
- Luchairt King Toffa, 's e taigh-tasgaidh a tha ann an-diugh, a’ sealltainn dòigh-bheatha nan rìghrean Afraganach.
- Jardin Place Jean Bayol àite le clach-chuimhne den ciad rìgh Porto-Novo.
- Da Silva Museum, taigh tasgaidh a tha a’ sealltainn eachdraidh Bheinin agus dòigh-bheatha nan Afro-Brazilians, a thàinig air ais gu Porto-Novo.
- Palais de Gouverneur, lùchairt luchd-riaghlaidh.
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Prìomh-bhailtean na h-Afraga
- Duilleag oifigeil tùrasachd ann am Porto-Novo
- Duilleag oifigeil Porto-Novo bhon Riaghaltas Bheinin
- Porto-Novo - Wikivoyage
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé